|
|
CÈILIDH BHO SHONAIG NIC A'PHEARSAIN À URRAS NÀISEANTA NA H-ALBA
Thàinig Shonaig Nic a’ Phearsain a chèilidh air Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain sa chaidh. Dh’ obraich Shonaig mar tè-lagh airson còrr is fichead bliadhna agus b’ àbhaist dhith a bhith na com-pàirtiche airson a’ chompanaidh lagh, MacGrigors, aon dhen companaidhean lagh as fheàrr ann am Breatainn. Chaidh Shonaig ainmeachadh mar chathraiche Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 2005 agus ‘s i a’ chiad boireannach a fhuair an urram seo.
Thachair Shonaig ris an stiùiriche, Tormod MacGilliosa agus ri Mairead Dhòmhnallach bho Tobar an Dualchais fhad’ s a bha i an seo. Bha ùidh mhòr aice anns a’ phròiseact, Tobar an Dualchais gu h-àraidh leis an obair aice fhèin aig Urras Nàiseanta na h-Alba.
‘S e cèilidh fìor mhath a bh’ ann airson na Colaiste agus thathar an dùil gum bi Shonaig a’ tadhal oirnn a-rithist anns an àm ri teachd.
|
|