|
|
SKILLCITY
HIGHLAND 2004
Bha Sabhal Mòr Ostaig an làthair aig tachartas sònraichte SkillCity Highland ann an Inbhir Pheotharain am mìos a chaidh seachad. Thàinig sgoilearan bho air feadh na Gaidhealtachd gus blasad fhaighinn air na cothroman obrach a tha rim faighinn.
Bha Sabhal Mòr Ostaig agus Sgleog a' dèanamh buthan-obrach ioma-mheadhan, ag obair le camara bhideo, camara digiteach agus coimpiutairean. Thadhal sgoilearean oirnn bho Inbhir Pheofharain, Allt na Muilne, Eilginn, Siorrachd Spè, A' Chananaich, Inbhir Losaidh, Cuil-lodair, Alanais, Baile Theàrlaich, Inbhir Gòrdain, Ceann a' Ghiuthsaich, Druiminn, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus Bucaidh.
Bha cuid a' leughadh na h-aimsir is ga chlàradh leis a' chamara, is cuid a' tarraing deilbh agus a' clàradh na guthan aca airson an atharrachadh air a' choimpiutair. Chithear beagan de na thachair anns na dealbhan gu h-ìosal. Airson barrachd dhealbhan agus obair na sgoilearan fhaicinn, thoiribh sùil air làrach-lìn Sgleog.
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
|
|