TADHAL ÀRD-RIOCHDAIRE SLÒIBHEINEACH AIR SABHAL MÒR OSTAIG

Bha e na thlachd mhòr do stiùirichean Shabhal Mòr Ostaig a chur fàilte air anÀrd-Riochdaire Slòibheineach don Rìoghachd Aonaichte, Iztok Mirosic, agus a chuideachd, air dhaibh tadhal air a’ cholaiste an t-seachdain sa.
Cuide ri Mgr. Mirosic bha a bhean, Comhairliche Tina Kokalj, agus A’ Bh. Anna Wersun, Consal na h-Alba, agus a duine, Dr. Alec Wersun à Oilthigh Caledonian Ghlaschu. Cuide ris a’ bhuidheann Shlòibheineach bha Cathraiche OGE, Colin MacAoidh, CBE, agus a bhean, Dr. Helen NicAoidh agus Linda Stiùbhart, OGE, Ceannard Leasachadh Eòrpach, a chuir an turas air dòigh. ‘S e ceanglaichean nas treasa eadar OGE agus Slobhèinia a dh’adhbharaich an turas seo fhèin agus tursan is iomlaidean eile an lùib na pròiseict Hi Hopes, iomairt leasachaidh a mhaireas 3 bliadhna agus a chuireas taic ri foghlam fad-beatha agus iomairtean sòisealta air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Ri linn an t-seallaidh eadar-nàiseanta an lùib na pròiseict sa dh’fhàs an càirdeas leis a’ phròiseict ‘Vesna’ ann an Slobhèinia, a bha a’ sgrùdadh chùisean a thaobh co-ionannais mar ‘boireannaich ann an gnìomhachas’ agus cuideachd, coimeas eadar Alba is Slobhèinia air cleachdadh Maoineachadh Structarail Eòrpach ann am foghlam is trèanadh.

Chuir an t-Àrd-Riochdaire an cèill an ùidh mhòr a bh’ aige ann an Sabhal Mòr Ostaig mar ionad nàiseanta leasachadh cànain is cultair, is cho cudthromach ‘s a tha e ann an leasachadh eaconomach na sgìre. Dh’innis Mgr. Mirosic air cho riatanach ‘s a bha an cànan ann an eachdraidh is fèin-aithne a dhùthcha fhèin air a slighe sa a dh’ionnsaigh neo-eisimeileachd agus deamocrasaidh. Bu mhath leis an dòigh iomlan anns a bheil Sabhal Mòr Ostaig an sàs ann am foghlam agus shaoil e gun robh sin mar thoradh air an tuigse a th’ aig na Colaiste air ceanglaichean eadar rannsachadh, foghlam, cànanachas is leasachadh cultarail is eaconamach.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh SMO, Donaidh Rothach, air dhaibh tadhal air a’ Cholaiste, “’S e turas air leth iomchaidh a bha seo leis an Àrd-Riochdaire agus a chuideachd, ri linn deireadh na greis soirbheachail a tha air a bhith aig Slobhèinia mar Cheann-Suidhe an Aonaidh Eòrpaich. Tha beairteas fiosrachaidh aig Mgr. Mirosic air gnothaichean an Aonaidh, agus eòlas air cuisean san RA is ann an Alba, agus tha deagh thuigse aige air na dùbhlanan a tha fa chomhair na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha sinn an làn dùil gun leanar air deagh shaothair OGE ann a bhith a’ leasachadh nan ceanglaichean cudthromach a tha seo eadar Alba is Slobhèinia.”