SABHAL MÒR OSTAIG A' TABHANN DUAISEAN SÒNRAICHTE DO SHÀR GHÀIDHEIL

Chaidh dìnnear a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig nas tràithe sa mhios a’ comharrachadh na h-obrach ionmholta a choilean na sàr Ghàidheil, Sir Iain Noble agus An t-Ollamh Iain MacAonghais.

’S ann sa bhliadhna 1972 a cheannaich Sir Iain Noble a’ chuid-mhòr de oighreachd Chloinn Dhòmhnaill agus a chruthaich e Fearann Eilean Iarmain. Bhon uair sin tha aiseirigh eacanomaigeach, cànanach is cultarach air tighinn air a’ cheann sa dhen Eilean Sgitheanach. Is ann bho a mhac-mheanmna a dh’èirich am beachd airson na Colaiste Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, a thòiseachadh, leis a’ chiad chùrsaichean gan ruith ann an 1973.

Aig an dìnneir, mhol an t-Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid, Cathraiche Bòrd Urras na Colaiste, Sir Iain: ” ’S ann airson do mhac-mheanmna, do lèirsinn, do mhisneachd, do spiorad nach gabhadh a bhristeadh agus do thaic thar nam bliadhnaichean a tha an Sabhal a chruthaich thu fhèin a’ cur an urraim seo ort a-nochd”.

Thuirt Sir Iain “Bha mi uabhasach moiteil leis an duais a fhuair mi aig a’ cheumnachd, agus air leth pròiseil mu dheidhinn. Tha mi air leth toilichte leis a h-uile rud a thachair aig a’ Cholaiste agus bu mhath leam a h-uile duine a mholadh a bha ag obair ann on a thòisich e o chionn iomadh bliadhna. Mealaibh ur naidheachd agus piseach oirbh gu bràth”.

Chaidh urram a chur air Iain MacAonghais mar Shàr Ghaidheal, ’s e mar shàr sgoileir Gàidhlig. Thòisich e aig Sgoil Eòlais na h-Alba mar neach-rannsachaidh ann an 1958 agus bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd, mar Àrd-Òraidiche ann an 1993. Ach chan e Gàidhlig a-mhàin a bha fainear dha ach cànanan, gu h-àraidh Seann Bheurla, Seann Ghearmailtis, na cànanan Lochlannach agus Grèigis cuideachd, às dèidh dha beagan ùine a chur seachad ann an Ciprus a’ dèanamh a Sheirbheis Nàiseanta. Tha Iain fhèin dhen bheachd, ma tha Gàidhlig aig duine gun tèid aca air cainnt Eòrpach sam bith eile fhuaimneachadh.

Mar a chuir Meg Bateman, bàrd is òraidiche aig an t-Sabhal Mhòr, e: “Tha iomadh ginealach de dh’oileanaich taingeil dha airson mar a thug e an spèis a bha aige dha chultar agus an ùidh phearsanta a ghabh e ann an gach duine fa leth còmhla, ’s e gu tric a’ seinn no a’ dèanamh aithris air òrain is bàrdachd nad chluais ann an taigh-òsta fuaimneach. Chan eil sgoilear Gàidhlig nas neo-fhoirmeile no nas lèirsinnich na e fhèin.”

Bha Sir Iain agus An t-Ollamh Iain MacAonghais an làthair aig a’ Cheumnachd an ath fheasgar far an d’ fhuair iad na duaisean aca còmhla ri luchd-ceumnachaidh an t-Sabhail Mhòir.