SPRING FLING 2004 - CEÒL, DANNSA IS GÀIREACHDAICH!

Dealbh air clas dannsa-ceumBha an ceòl air feadh na fìdhle aig Sabhal Mòr Ostaig air an 21 agus 22 den Ghearran. Bha feadhainn den luchd-teagaisg as fhèarr a th' ann an Alba agus buidheann mhòr de dh'oileanaich air tighinn còmhla airson deireadh-seachdain air leth de chlasaichean agus chèilidhean.

Am measg an luchd-oideachaidh bha Aonghas Grannd (Shooglenifty), Dougie Mac an t-Sealgair, Gregor Borland agus Rae NicColla, a' toirt seachad an deagh sgilean air an fhidheall, air a' bhogsa-ciùil agus ann an dannsa-ceum. Cha b' e ruith ach leum a bh' aig daoine gus tòiseachadh a' chiad char madainn Disathairne is iad cho èasgaidh is làn ghàireachdaich airson na bha ri thighinn. Rinn 28 oileanach bho air feadh Bhreatainn is Èirinn an t-slighe dhan tachartas bhliadhnail shònraichte seo a tha ga ruith eadar Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba san Eilean Sgitheanach agus An Drochaid, Pròiseact Ceòl Traidiseanta an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Thuirt Louise NicCoinnich, Co-òrdanaiche Ceòl Traidiseanta airson na Drochaid, "Tha mi air mo dhòigh daoine de gach aois fhaicinn a' gabhail pàirt is an gnothach a' còrdadh riutha cho math. Tha cha mhòr an dàrna leth de na h-oileanaich a' fuireach san Eilean no ann an Loch Aillse agus 's e comharra sgoinneil a tha ann den tàlant agus den ùidh aig th' aig muinntir na sgìre ann an ceòl agus dannsa traidiseanta."

Dealbh air tè a' cluich a' bhogsa-ciùilTha Sabhal Mòr Ostaig a' cumail chùrsaichean goirid ann an ceòl agus Gàidhlig feadh na bliadhna. Cuiribh fios gu Sìm Innes air (01471) 888240 no cuiribh post-dealain thuige.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air An Drochaid leigibh fios gu Louise NicCoinnich air (01478) 614003, no cuiribh post-dealain thuice. Bidh meanbh-Fhèis eile, coltach ri Spring Fling a' gabhail àite anns a' Phloc air an 27mh agus 28mh den Mhàirt, gu sònraichte airson Seinn-Còisir Gàidhlig. Bidh Kirsteen Grannd agus Hamish Menzie ga theagasg.