BOYD ROBASDAN AIR AINMEACHADH MAR STIÙIRICHE ÙR AN T-SABHAIL

Tha Sabhal Mòr Ostaig air Boyd Robasdan, Ceannard an Fhoghlaim Chànanaich aig Oilthigh Srath Chluaidh, ainmeachadh mar an neach a ghabhas àite an Ollamh Tormod MacGilliosa mar Stiùiriche an t-Sabhail nuair a leigeas an t-Ollamh MacIlliosa dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna.

Rugadh agus thogadh Mgr Robasdan (59), ann an Uibhist a Tuath, agus chaidh e tron fhoghlam ann an Àrd Sgoil Phort Rìgh, Oilthigh Obar Dheathain agus Colaiste Foghlaim Obar Dheathain. An dèidh 10 bliadhna a’ teagasg Gàidhlig ann an Àrd Sgoil an Òbain, fhuair e dreuchd òraidiche ann an Colaiste Foghlaim Chnoc Iordain, agus, nuair a chaidh Cnoc Iordain agus Oilthigh Srath Chluaidh còmhla, rinneadh Àrd Òraidiche agus an uairsin Leughadair ann an Gàidhlig dheth.

A’ foillseachadh na naidheachd, thubhairt an Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid, Cathraiche Urrasairean an t-Sabhail Mhòir:-

“Tha e na thlachd sònraichte dhòmhsa a bhith ag ainmeachadh Boyd Robasdan mar Stiùiriche ùr an t-Sabhail Mhòir. Tha mi air a bhith eòlach air Boyd bho bha sinn an Sgoil Phort Rìgh còmhla. ‘S e duine a th’ ann a tha air a bhith am bogadh ann an saoghal na Gàidhlig bho rugadh e: duine a tha air obair mhòr agus ionmhalta a dhèanamh as leth na Gàidhlig, gu seachd àraid foghlam Gàidhlig, mar tha agus a chuireas gu mòr ris an sin mar Stiùiriche an t-Sabhail. Chan e rud furasda a tha ann àite Thormoid MhicIlliosa a ghabhail ach tha trì rudan a’ fàgail gu bheil Boyd gu h-àraidh freagarrrach mar Stiùiriche aig an dearbh àm a tha seo ann an eachdraidh na Colaiste: at t-eòlas domhain agus mionaideach a th’ aige air saoghal na Gàidhlig, an t-eòlas a th’ aige air cò ris a tha e coltach colaiste a bhith a gluasad gu ìre oilthigh: agus an t-eòlas a th’ aige air trèanadh luchd-teagaisg airson a bhith a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, rud anns a bheil dùil aig Sabhal Mòr Ostaig a bhith an sàs gu mòr bho seo a mach. Tha na h-Urrasairean dearbhte gur e Boyd an duine airson dèiligeadh ris na dùbhlain a tha an lùib nan rudan sin agus tha sinn air leth toilichte a bhith ga chur dhan dreuchd.”

Thuirt Mgr Robasdan fhein:-
‘Tha mi anabarrach toilichte an cothrom seo fhaighinn Colaiste Ghàidhlig na h-Alba a stiùireadh aig àm cho cudromach ann an eachdraidh na cànain. Tha an Sabhal aig cridhe nan oidhirpean gus a’ chanan ath-bheothachadh agus bhithinn a’ sùileachadh gum biodh a’ Cholaiste gu dlùth an sàs ann an iomairtean mar Plana Nàiseanta na Gàidhlig, an Sianal Gàidhlig, BBC Alba, agus an Oilthigh ùr a th’ air fàire air Ghàidhealtachd. Tha a’ Cholaiste air a deagh uidheamachadh airson cur ri leasachaidhean sa chànan agus sa chultar ri linn na h-obrach ionmholta a tha an Stiùiriche a tha san dreuchd an-dràsta, t-Oll Tormod MacIllIosa, a cho-obraiche, Iain Tormod MacLeòid, agus an sgioba tàlantach aca air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean’.