PRÒISEACT DUALCHAIS CUDROMACH NÀISEANTA AIR A CHIAD STIÙIRICHE FHASTADH

"Drochaid na h-aona linn thar fhichead gu dìleab chultarach na h-Alba"

Dealbh air Mairead Dhòmhnallach, Stiùirhce ùr Tobar an Dualchais/Kist O' RichesGhabh pròiseact dualchais mòr nàiseanta, 'Tobar an Dualchais/Kist O' Riches', ceum mòr air adhart an t-seachdain seo le bhith fastadh a' chiad stiùiriche aig a' phròiseact, Mairead Dhòmhnallach, tè às a' Ghàidhealtachd aig an robh Gàidhlig bhon ghlùin, a fhuair a cuid foghlaim aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh na Cuimrigh agus Sabhal Mòr Ostaig, an t-ionad nàiseanta gus leas cànan is cultar na Gàidhlig, san Eilean Sgitheanach.

Tha a' Bh-Uas Dhòmhnallach an-dràsta na stiùiriche aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig ann an Leòdhas, agus bha i ag obair cuideachd ann an àrd-dhreuchdan aig Cànan, an SDA is Iomairt na h-Alba. Bidh a' Bh-Uas Dhòmhnallach stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, am com-pàirtiche riaghlaidh sa phròiseact cho-roinneil seo anns a bheil Oilthigh Dhùn Èideann, Urras Nàiseanta na h-Alba is am BBC an sàs.

Tha am pròiseact, am fear as motha a chaidh a ghabhail òs làimh riamh ann an Alba a thaobh a bhith cur dualchas cultarach ann an cruth didsiotach, ag amas air suas ri 18,000 uair a thìde de chlàraidhean ann an Gàidhlig is Albais - a tha an-dràsta air an cumail ann an tasglainn Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, a' BhBC, agus Cho-cruinneachadh Fhir Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba - a ghlèidheadh, a chur an ann riochd catalog, a chur ann an cruth didsiotach a bhios ri fhaighinn air-loidhne.

Tha sgoilearan den bheachd gur e rud iongantach a th' ann mar a tha beul-aithris is dualchas ciùil na h-Alba fhathast beò, sa chruth sa a bheil e, agus nach eil a shamhail ann a thaobh farsaingeachd is càileachd anns an Roinn-Eòrpa an-diugh. 'S e aonan de na snàithleanan as cudromaiche 's as buaine den bhrat-ghrèise, ris a bheil fìor-shuaicheantas na Gàidhlig is na h-Albais an urra, a th' anns a' bheul-aithris seo. Cruthaichidh Tobar an Dualchais/Kist O' Riches stòras foghlaim às an tig barrachd mothachaidh air cultar na h-Alba, a nàdar agus a doimhneachd eachdraidheil, agus às an tig tuigse nas fheàrr air beatha na fheadhna a chur ris gu mòr.

Sna trì cruinneachaidhean mòra seo, gun a shamhail a thaobh an tùsan, am meud agus am farsaingeachd, tha stuthan èisteachd ann an Gàidhlig is Albais a bha air a thional thar nan trì fichead bliadhna a dh'fhalbh bho air feadh Alba agus am measg na Diaspora Albannach. Fhuaireas £2.9 millean airson a' phròiseict às dèidh tabhartas luach £1.39 millean fhaighinn bho Maoin Dualchais a' Chrannchuir. Am measg an luchd-mhaoineachaidh chudromach eile tha Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa, Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Oilthigh Obar Dheadhain.

Cruthaichidh am pròiseact innleachdail seo 21.5 obraichean ionnan is làn-ùine thairis air a' chiad chòig bliadhna den phrògram, 's tòrr de na h-obraichean sin stèidhichte sa Ghàidhealtachd is sna h-eileanan.

Thuirt cathraiche buidheann-stiùiridh a' phròiseict Donaidh Rothach: "Tha sinn air leth toilichte gum b' urrainn dhuinn cuideigin aig a bheil na comasan 's an t-eòlas a tha aig Mairead, agus i air a dearbhadh fhèin ann an obraichean eile, fhastadh. Tha am pròiseact seo uabhasach cudromach do dh'fhallaineachd chultarach na h-Alba air fad, agus còmhla ri ar stiùiriche ùr agus an sgioba-pròiseict tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith 'g obair gus an stòras iongantach seo a thoirt do shluagh cho mòr s' as urrainn."

Rinn an cathraiche moladh air obair na buidhne-stiùiridh ann a bhith toirt a' phròiseict chun na h-ìre seo, 's e a' toirt taing do na buill airson an taic leantainneach thar na seachd bliadhna a dh'fhalbh. Chuireadh fàilte mhòr air a' phròiseact le tòrr a tha 'g obair ann an foghlam, cànanan, sna h-ealain agus ann an roinn an dualchais.

Chuir an t-Oll. Mairead NicAoidh, Stiùiriche Tasglainn Sgoil Eòlais na h-Alba, fàilte mhòr air a' phròiseact. Thuirt i: "Tha am pròiseact innleachdail seo a' dèanamh cinnteach gun cumar a bhith cluinntinn guthan na feadhna a tha thar nam bliadhnachan air an seanchas sònraichte a lìbhrigeadh dhuinn ann an Gàidhlig is Albais, 's cumar a' cluinntinn an luchd-cruinneachaidh air a bheil spèis leis a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an dualchas beartach cultar na h-Alba."

Thuirt an seinneadair is tasglannaiche cultarach Sheena Wellington ann a bhith cur fàilte air a' phròiseact: "Tha mise a' cur mo làn thaic ris a' phlana iongantach seo gus a h-uile snàithlean den chultar Albannach bheò, mhìorbhaileach againn a chur fa chomhair ar cloinne, ar daoine agus an t-saoghail."

Thuirt an seinneadair Gàidhlig is an t-òradaiche Kenna Chaimbeul mun a' phròiseact: "Ann an linn far a bheil a nì a tha freumhaichte a' sìor-fhàs nas cudromaiche, chan urrainnear luach ro mhòr a chur air an tasglann seo. 'S e doras na h-aona linn thar fhichead gu dìleab chultarach na h-Alba."