'STREAP': CÙRSA ÙR DO THIDSEARAN GUS NA SGILEAN CÀNAIN ACA A LEUDACHADH

Dealbh de thidsearan ag obair air coimpiutairean mar phàirt den chùrsa ùr 'Streap'Thòisich cùrsa ùr air-loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig do thidsearan a tha fileanta sa Ghàidhlig agus a tha ag iarraidh na sgilean cànain aca airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh.

Fhuair an cùrsa – ‘Streap’ – làn-thaic airgid bho Riaghaltas na h-Alba, agus chaidh a chur air bhonn le sgioba Foghlam Fad-Beatha aig Sabhal Mòr Ostaig ann an co-bhonn ri Oilthigh Obar Dheathain. Sa ghreis-dearbhaidh seo, fhuaras tidsearan bho tri ùghdarrasan ionadail: Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Lannraig a Tuath.

Thàinig a’ chiad bhuidheann de cheathrar thidsearan (dithis bho àrd-sgoiltean agus dithis bho bun-sgoiltean) còmhla san Eilean Sgitheanach an t-seachdain sa chaidh airson trì làithean de sheiseanan aghaidh-ri-aghaidh, far an do dh’ionnsaich iad mun chùrsa agus an taic a tha ri fhaotainn. Thèid seiseanan inntrigidh eile a chur air dòigh do thriùir thidsearan bho na h-Eileanan Siar.

Tha an cùrsa, a tha gabhail a-staigh trì modalan, a’ ruith airson sia mìosan eadar Am Faoilteach is an t-Ògmhìos. Tha an cùrsa air a lìbhrigeadh tro dhiofar shiùil: bidh a’ chuid as motha ga dhèanamh air-loidhne, ach bidh seiseanan aghaidh-ri-aghaidh ann, clasaichean fòn agus taic bho thidsearan is chomhairlichean. Faodaidh tidsearan a bhith g’ obair anns an àite-obrach aca neo bhon taigh.

Gheibh an fheadhainn a tha gabhail pàirt ann taic bho oide-cànain fad a’ chùrsa. Gheibh iad taic cuideachd bho chomhairlichean-cuspair airson a bhith innleachadh leasanan an dà chuid aig ìre àrd-sgoil is ìre bun-sgoil, bho eòlaichean aig Cànan, bho Chomhairliche a’ Chùrsa Cairistìona Walker (Sgoil an Fhoghlaim, Oilthigh Obar Dheathain) agus bho luchd-obrach aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thathar an dùil gum faigh tidsearan bho ùghdarrasan eile an cothrom dhol air a’ chùrsa nuair a chrìochnaicheas a’ ghreis-dearbhaidh agus nuair a thèid a mheasadh.

Thuirt Ceannard Foghlam Fad-beatha aig Sabhal Mòr Ostaig Alison Dix a tha na manaidsear-pròiseict air a’ chùrsa ùr:
“Tha sinn air leth toilichte leis an ùidh a tha tidsearan bho na trì ùghdarrasan air sealltainn ann an ‘Streap’. Bheir ‘Streap’ taic agus misneachd do thidsearan a tha beachdachadh air a dhol bho theagasg tro mheadhan na Beurla gu teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, neo a tha ag iarraidh misneachd fhaighinn a thaobh nan comasan Gàidhlig aca. Tha an cùrsa gu math freagarrach do dhaoine proifeiseanta a tha trang a chionns gu bheil na stuthan air-loidhne, tha an roghainn aca fhèin a thaobh cuin agus càite an ionnsaich iad.

“Bha na seiseanan aghaidh-ri-aghaidh air leth feumail dhan fheadhainn a bha an làthair, gu sònraichte air sgàth ‘s gun robh cothrom aca an cùrsa fhaicinn air-loidhne agus gun robh cothrom aca coinneachadh ris an tidsear aca Seònaid NicDhòmhnaill à Muile, agus coinneachadh ris na comhairlichean aca: Murchadh Peutan (Àrd-sgoil Phort Rìgh), Flossie NicDhùghaill (Bun-sgoil Phort Rìgh) agus Tormod MacArtair a tha teagasg aig Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain. ‘S i Julie NicNèill an ceathramh comhairliche. Tha sinn làn mhisneachd gun toir an cùrsa seo an taic a tha dhìth air tidsearan, agus tha sinn an dòchas a bhith comasach air a thabhainn gu cunbhalach cho fad ‘s a tha iarrtas air a shon.”

Thuirt Cairistìona Walker, a tha na h-òraidiche Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain, gun robh i an dòchas gum biodh an cùrsa seo na cheum mòr a thaobh leasachadh proifeiseanta a tha leantainneach airson tidsearan a tha teagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil is bun-sgoil.

Ma duine sam bith ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa, cuiribh fòn gu Alison Dix aig Sabhal Mòr Ostaig air 01471 888 430.