|
Oileanach OGE na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig
Bhuannaich Derek MacIlleathain an duais airson Oileanach na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd airson colaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig.
‘S ann à Leòdhas a rugadh Derek ach thogadh e ann an Inbhir Nis far an deach e gu Àrd Sgoil Baile Theàrlaich. Thàinig e a Shabhal Mhòr Ostaig as dèidh sgoil fhàgail airson a’ chuid Ghàidhlig a leasachadh agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh. ‘S e fìor deagh sheinneadair a th’ ann an Derek agus bha ceangal làidir aige ris a’ chultar agus a’ chànan mus tàinig e dhan Eilean.
Thuirt Derek “Thàinig mi dhan t-Sabhal as dèidh sgoil oir bha ùidh agam sa Ghàidhlig ach cha robh mi buileach cinnteach dè na bha mi an dùil a dhèanamh. Tha mi glè thoilichte an duais seo fhaighinn agus chòrd an ùine a bh’ agam aig Sabhal Mòr Ostaig rium gu mòr. Tha mi air iomadh cothrom fhaighinn bho bhith aig an t-Sabhal.”
Chaidh Derek a thogail mar riochdaire an t-Sabhail oir ‘s e oileanach làn èasgaidh a bh’ ann agus bha e air leth dheònach Gàidhlig a bhruidhinn. A bharrachd air na clasaichean aige bha Derek a’ cuideachadh le buidhnean coimhearsnachd mar; buidheann drama, Sradagan agus sgioba ball-coise. Dh’ obraich e airson a’ chompanaidh ionadail, Cànan, cuideachd agus bha e gu mòr mar phàirt den choimhearsnachd fhèin.
Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Ceannard Roinn an Fhoghlaim; Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Stiùiriche Roinn an Fhoghlaim; “Air sgath’ s cho èasgaidh agus deònach ‘s a tha Derek ann a bhith a’ com-pàirteachadh ann am beatha làitheil na Colaiste, a’ cur air adhart cultar agus dualchas na Gàidhlig agus tachartasan eile tha e gu math airidh air an duais am bliadhna. Tha Derek, a thàinig dhan t-Sabhal Mhòr dìreach bhon sgoil na dheagh eisimpleir dha cho-aoisean agus na dheagh thosgaire dhan Cholaiste agus dha Institiùd OGE nan Mìle Bliadhna.”
Chuir Derek crìoch air ceum ann an Gàidhlig agus na Meadhanan am-bliadhna agus tha e a-nise a’ dol a dhèanamh an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig a tha ga ruith ann an com-pàirteachas le Seirbhis na Meadhanan Gàidhlig.
Feumaidh Derek a-nise a dhol air adhart mar riochdaire an t-Sabhail an aghaidh còig duine deug bho Oilthigh na Gaidhealtachd is na h-Eileanan air fad far an tèid OGE Oileanach na Bliadhna 2007 a thaghadh an ath mhìos. Gur math a thèid leat a Dherek!
|