|
OILEANAICH FHIALAIDH A' CUR RO GOIREASAN AN T-SABHAIL MHÒIR
Thug dithis oileanach seachad tiodhlacan caran neo-àbhaisteach do Shabhal Mòr Ostaig agus chaidh fialaidheachd an dithis oileanach a chomharrachadh aig cuirm bheag sa Cholaiste an t-seachdain sa chaidh.
Cheannaich Ellen Beard bho na Stàitean Aonaichte meur-chlàr airson a’ chùrsa-chiùil ùir aig SMO agus cheannaich Eilidh Rosach à Sruighlea làr ùr airson an Talla Mhòir, an t-àite far an tèid a’ mhòr-chuid de chèilidhean agus cuirmean-ciùil aig a’ Cholaiste a chumail.
Thuirt Ellen Beard bho Washington D.C.: “Bha na h-adhbharan agam gu math fèineil. Nuair a thàinig mi an seo, bha e iongantach dhòmhsa nach robh seòmraichean-ciùil le piano ann, agus mar sin cheannaich mi meur-chlàr. Tha mi an dòchas gum bi am prògram ciùil ùir aig Sabhal Mòr Ostaig soirbheachail agus gum bi na seòmraichean-ciùil ùra air an deagh-chleachdadh.”
Bha Ellen Beard na neach-lagha agus a tha i dìreach air crìoch a chur air a’ Chùrsa Comais aig SMO, a’ chiad bhliadhna de na Cùrsaichean Ceum. Thog i ùidh ann an Gàidhlig air sgàth ’s gu bheil i càirdeas fad às aice dhan bhàrd ainmeil bhon 18mh linn, Rob Donn MacAoidh, agus tha i am beachd tilleadh an ath-bhliadhna airson an dàrna bliadhna de Cheum a dhèanamh.
Thuirt Eilidh Rosach: “Tha mi air a bhith tighinn dhan t-Sabhal Mhòr airson iomadh bliadhna airson cùrsaichean goirid, agus dh’fhàs mi na bu shine agus dh’fhàs mo ghlùinean na bu mhiosa. Bha an làr cruaidh a’ cur dragh orm nuair a bha sinn a’ dannsa. Mar sin, chuir mi romham làr ùr fhaighinn agus rudeigin a thoirt air ais dhan cholaiste. A-nis tha an làr agus mo ghlùinean nas fheàrr!”
Rugadh agus thogadh Eilidh Rosach ann an Lunnainn agus an uair sin ghluais i gu Sruighlea far a bheil i na h-òraidiche ann an eòlas-inntinn aig Oilthigh Sruighlea. Tha i air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig fad iomadh bliadhna agus tha i air a bhith a’ tighinn gu na cùrsaichean goirid airson còrr is deich bliadhna. Rinn Eilidh cuideachd an Cùrsa Comais am-bliadhna.
Thuirt Ceannard an Fhoghlaim aig SMO Iain Tormod MacLeòid: “Tha e na thoileachas dhomh taing mhòr a thoirt do Ellen agus Eilidh airson am fialaidheachd. ’S e goireasan mìorbhaileach dhan Cholaiste a bhios anns an làr agus am piano ùr. Tha iad air leth freagarrach an-dràsta leis an Ceum BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta air ùr thòiseachadh agus tha iad a’ cur ris na leasachaidhean eile a thaobh seòmraichean ciùil agus goireasan dideatach a bhios rim faotainn anns an togalach Fàs, an t-ionad ùr airson Gnìomhachasan Cruthachail is Cultarail.”
Fiosrachadh don luchd-deasachaidh:
AIRSON TUILLEADH FIOSRACHAIDH CÙIR FÒN GU NICOLA NICTHÒMAIS AIR 01471 888301.
|