Tacsaidhean a' Togail Inbhe na Gàidhlig an Dùn Eideann 's Glaschu

This in English

Cum sùil a-mach airson nan tacsaidhean Gàidhlig air a bheil sanasachd airson "ionnsachadh" air sràidean Ghlaschu agus Dùn Eideann!

Tha na carbadan buidhe 's gorm, le ainmean chùrsaichean 'sa Ghàidhlig orra, nam pàirt de cho-obrachadh sònraichte eadar learndirect scotland agus Sabhal Mòr Ostaig, a' cholaiste Ghàidhlig 'san Eilean Sgitheanach gus barrachd Albannaich a bhrosnachadh gu Gàidhlig ionnsachadh.

Mar phàirt den iomairt seo, bidh an dà bhuidhean a' beachdachadh air cùrsaichean beaga far am faod daoine "blasad de Ghàidhlig" fhaighinn agus cuideachd pasgain aoigheachd airson luchd-turasachd anns am bi fàilte 'sa Ghàidhlig.

Airson an co-obrachadh a chur a' dol, ghabh Alasdair Moireasdan, Ministear na Gàidhlig, agus Donaidh Rothach a tha na Stiùiriche Leasachaidh aig SMO a' chiad chuairt ann an fear de na tacsaidhean còmhla ri Ceannard learndirect scotland, Frank Pignatelli.

Thuirt Alasdair Moireasdan, "Ann an Bliadhna nan Cànan 2001 , tha Albannaich nas mothachail na an àbhaist gur e stòras air leth a tha sa Ghàidhlig. Tha sinn gu làidir den bheachd gum bu chòir an cothrom gus Gàidhlig ionnsachadh a bhith air a leudachadh cho fad 's a ghabhas. Tha Learndirect Scotland a' cuideachadh ri ionnsachadh, ge b'e càite, cuin agus ciamar a tha daoine airson ionnsachadh fhaighinn. Bidh an dòigh-obrach seo agus ar dìlseachd don chànan san àm ri teachd nan cuideachadh ann a bhith dèanamh cinnteach gun tèid beatha nan ginealaichean a tha tighinn a shaoibhreachadh le Gàidhlig."

Thuirt Frank, "Tha Gàidhlig aig meadhan dualchas na h-Alba agus tha e mar amas againn sin a chumail agus a leasachadh. Tha sinn airson an cothrom a thoirt do bharrachd dhaoine beagan Gàidhlig a bhruidhinn. Bidh sinn a' tairgse bloighean de theagasg a bhios tarraingeach do dh' Albannaich agus gam brosnachadh gus an cànan dùthchasach fheuchainn. Tha Learndirect Scotland ann airson cothroman ionnsachail adhartachadh air feadh Alba. Bha còrr 's ceud mìle duine a' fònadh gu ar loighne-cuideachaidh 0808 100 9000 'sa chiad naoi mìosan. Chaidh ar làrach-lìn http://www.learndirectscotland.com/ a bhualadh còrr is 1.3 muillean turas. Tha na figearan seo a' sealltainn an iarrtais airson ionnsachadh ann an Alba agus tha sinn an dòchas gun cuidich seo ann a bhith brosnachadh barrachd Albannaich gus Gàidhlig ionnsachadh. Tha sinn air leth toilichte tighinn còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig gus Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh Alba."

Thuirt Donnie, "Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri learndirect scotland gus cothroman ùra a chruthachadh airson na mìltean de dh'Albannaich aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha ceangail aig tòrr Albannaich ris a' chànan, tro shloinntearachd, tro ainmean nan àiteachan anns a bheil iad a' fuireach, agus tron ùidh aca ann an ceòl agus dualchas na h-Alba. Tha a' Ghàidhlig na phàirt chudromach den dualchas sin, agus le co-obrachadh tha sinn an dòchas cothrom a thoirt don fheadhainn a tha ag iarraidh dol nas fhaide."

Tha ainmean chùrsaichean a leithid coimpiutaireachd, innleadaireachd agus ealan air fhaicinn air na tacsaidhean.

Bidh tacsi Ghlaschu ri fhaicinn ann an sgìre Phartaig agus tacsi Dhùn Eideann ann an Lìte.

Chaidh na tacsaidhean a pheantadh le Allied Media, Glaschu a tha an roinn de Allied Vehicles Ltd a tha a' solar thacsaidhean air feadh Bhreatainn.