SEACHDAIN NAN TEAGHLAICHEAN A’ CUR RI BHITH CRUTHACHADH DACHAIGH GHÀIDHLIG

Tha pàrantan sgoilearan Gàidhlig bho air feadh na h-Alba a’ tighinn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo gus Gàidhlig ionnsachadh tro chùrsa a tha
a’ toirt a’ chothruim do dhaoine dachaigh agus àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh do chloinn.

Mar thoradh air mar a tha an àireamh de sgoilearan Gàidhlig air a dhol am meud o chionn ghoirid, tha barrachd is barrachd phàrantan ann aig nach eil Gàidhlig a tha airson beagan dhen chànan a thogail. Tha Seachdain nan Teaghlaichean aig
a’ Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach a’ toirt a’ chothruim sin dhaibh aig grunn ìrean agus ’s urrainn do phàrantan an cuid chloinne a thoirt leotha.

Thuirt Dàibhidh Byrne, Oifigear nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig: “Fhad ’s a tha na h-inbhich sna clasaichean, tha a’ chlann ri dibhearsain agus spòrs san sgoil ionadail tron sgeama-chluiche againn a tha sinn a’ ruith fad na seachdain, agus tha an fheadhainn fo aois còig bliadhna a’ dol gu Fàs Mòr, an t-ionad cùram chloinne againn ann an Slèite.

“Tha an cùrsa air fàs gu mòr thar na trì bliadhna bhon thòisich e agus fhad ’s a tha sgoiltean Gàidhlig mar Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ fàs, tha sin a’ ciallachadh gu bheil barrachd iarrtas ann airson an seòrsa cùrsa seo. Tha an t-seachdain a’ còrdadh gu mòr ris a’ chloinn agus ri am pàrantan. Agus thathar an dòchas gun cur e ri bhith cruthachadh dachaigh agus àrainneachd Ghàidhlig dhan chloinn.”

Lean Mgr Byrne air: “Tha mi cianail toilichte gu bheil an cùrsa seo a fàs nas soirbheachail gach bliadhna. ’S e cothrom uabhasach feumail a th' anns an t-seachdain seo gu h-àraidh son pàrantan aig nach eil tòrr cothrom Gàidhlig a bhruidhinn is a chluinntinn ann an suidheachadh nàdarrach is cuideachail. A bharrachd air sin tha
a’ chlann fhèin air cothrom fhaighinn son Gàidhlig a chleachdadh le clann eile bho air feadh an àite.”

Bha daoine ann bho Lannraig a Tuath, Glaschu agus a’ Ghàidhealtachd an t-seachdain sa chaidh aig a’ chiad Seachdain nan Teaghlaichean agus an t-seachdain seo thàinig pàrantan bho Dhùn Èideann, Inbhir Chluaidh agus bho air feadh na Gàidhealtachd.

’S e com-pàirteachas a th’ anns a’ chùrsa eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd le cuideachadh bho Chomhairle Baile Ghlaschu, Comhairle Lannraig a Tuath, Comhairle Inbhir Chluaidh agus taic bhon bhuidhinn leasachaidh Community Learning and Development (CLAD). Tha na pàrantan a’ faighinn taic airgid a phàigheas cuid de na cosgaisean agus chan fheum iad dad a phàigheadh airson an sgeama-chluiche no Fàs Mòr.

Airson barrachd fiosrachaidh leigibh fios do:
Fiona Dunn (Oifigear Margaideachd aig SMO) air 01471 888 215 no sm00fd@groupwise.uhi.ac.uk
Dàibhidh Byrne air 01471 888240