|
|
Tobar an Dualchais/Kist O Riches
Dh'fhoillsich Maoin Dualchais a' Chrannchuir an-diugh (19.12.03) taic fiach 1.395 millean not airson aon de na pròiseactan dualchais as cudromaiche a chuireadh riamh air chois an Alba.
A thoradh air pròiseact dearbhaidh aig Tobar an Dualchais/Kist O Riches, pròiseact air a cho-òrdanachadh le Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, ann an co-bhoinn ri Oilthigh Dhùn Èideann, Urras Nàiseanta na h-Alba agus BBC Alba, bithear a-nis a' dol an sàs ann an obair riatanach le bhith a' glèidheil, ag ath-chlàradh ann an cruth eileactronaigeach, a' liostachadh agus a' foillseachadh air an eadarlìon 12,000 uair a thìde de shàr chlàraidhean fuaim ann an Gàidhlig agus Beurla na h-Alba le chèile. An-dràsta tha an stuth seo ann an tasglannan aig BBC Alba, Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Cruinneachaidhean Iain Latharna Chaimbeil, aig Urras Nàiseanta na h-Alba, ann an Eilean Chanaigh.
Thuirt Colin McLean, Manaidsear MDC an Alba, an-diugh,
"'S e taobh air leth inntinneach de ar cultar a th' ann an cànan. Gun dad ach brùthadh air putan 'cluich' thèid againn air farchluais a dhèanamh air saoghal ar sinnsirean - na trioblaidean a bh' orra, na dòchasan a bh' aca - thig an saoghal beò dhuinn cho luath ri siud. Aig Maoin Dualchais a' Chrannchuir tha sinn airson ar n-eachdraidh fhosgladh a-mach gus an ionnsaich sinn bhuaipe.Agus dè b' fheàrr na cànan airson siud."
"Nì am pròiseact ionmholta seo cinnteach gun tèid na h-òrain, sgeulachdan is agallamhan sònraichte seo a chaomhnadh gus an tèid againn fhìn, 's aig na ginealaichean a thig, air èisteachd ri eachdraidh na h-Alba."
Chuir an t-Àrd Oll. Tormod MacGillìosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, fàilte air an naidheachd,
"Tha am pròiseact seo air leth cudromach leis mar a tha e a' toirt sàr ghoireas dualchasach de luach nàiseanta is eadar-nàiseanta far comhair. Chan e mhàin gum bi e an sàs ann an obair dheatamach mar ghlèidheil stuth a tha gun samhail, agus cuid dheth ann an cunnart grodadh, ach ann a bhith a' liostachadh 's a' clàradh nan cruinneachaidhean àibheiseach seo ann an cruth eileactronaigeach, cuiridh e an stuth air ais dhan àite às an tàinig e 's neartaichidh e cor cànanan beò na h-Alba."
Rinn an t-Àrd Oll. MacGillìosa iomradh sònraichte air obair an Dr Màrtainn Mac an t-Saoir, Co-òrdanaiche a' Phròiseict, agus air Lachaidh Dick, a' Bhuidheann Stiùiridh agus na Com-pàirtichean a tha air am pròiseact a stiùireadh 's a thoirt chun na h-ìre seo.
Arsa an t-Àrd Oll. MacGillìosa,
"'S e ceum mòr air adhart a th' ann an Tobar an Dualchais/Kist O Riches ann a bhith mothachail do luach nan cànanan beò seo ann an Alba an latha an-diugh."
Cosgaidh am pròiseact 2.8 millean not uile gu lèir agus mairidh e 5 bliadhna, le 21 dreuchd na chois, 16 dhiubh air a' Ghaidhealtachd 's anns na h-Eileanan.
Airson eisimpleir mhath de phròiseact den t-seòrsa seo, thoir sùil air Pròiseact Thiriodh.
Fios do Luchd-Deasachaidh
Tha Maoin Dualchais a' Chrannchuir ag uidheamachadh choimhearsnachdan gus ar dualchas ioma-thaobhach a mhealtainn, a thoirt fa-near agus a rannsachadh. Eadar ar taighean-tasgaidh mòra 's togalaichean eachdraidheil is pàircean beaga ionadail 's àiteachan bòidheach agus clàradh is mealtainn ar dualchais, nòsan is eachdraidh, tha tabhartasan Maoin Dualchais a' Chrannchuir a' cur dualchas ar dùthcha fa chomhair a h-uile duine.
Airson tuilleadh fiosrachaidh bruidhnibh ri Shiona Mackay aig 01786 870638 no www.hlf.org.uk
|
|