|
AN T-OLLAMH TORMOD MACGILLIOSA A LEIGEIL DHETH A DHREUCHD AM -BLIADHNA 2007
Tha an t- Ollamh Tormod MacGilliosa, a tha air a bhith na Stiùiriche air Sabhal Mòr Ostaig fad fichead bliadhna, air leigeil fhaicinn gum bi e a leigeil dheth a dhreuchd roimh dheireadh na bliadhna. Thòisich an t-Ollamh MacGilliosa, a bhios 61 a- màireach [Disathairne], aig an t-Sabhal mar Rùnaire na Colaiste anns an t-Samhain 1983 agus leis a sin bi e air 25 bliadhna de sheirbheis a thoirt dhan Cholaiste mus fhàg e.
An dèidh an naidheachd a thoirt do luchd-obrach na Colaiste aig coinneamh feasgar an-dè (Diardaoin 28mh an Gearran) thuirt an t-Ollamh MacGilliosa “Tha mise moiteil as na chaidh a choileanadh aig an t-Sabhal thar na coig bliadhna fichead a dh’fhalbh. Cha d’ fhuair mise ach taic bhon luchd-obrach agus Urrasairean na Colaiste. Tha e na chomhurtachd mhòr dhomh gu bheil mi fàgail sgioba obrach làidir ‘s ealanta an sàs ann an obair leasachaidh na Gàidhlig. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh dhaibh.”
An dèidh dhan luchd-obrach an naidheachd a chluinntinn thuirt Iain Tormod MacLeòid, Ceannard an Fhoghlaim, “Thairis air na 20 bliadhna mu dheireadh, tha Sabhal Mòr Ostaig air adhartas ionmholta a dhèanamh fo an stiùireadh aig Tormod MacGilliosa agus, anns an ùine sin, tha a’ Cholaiste air inbhe nàiseanta agus eadar-nàiseanta a chosnadh mar chruinn-ionad airson leasachadh foghlam Gàidhlig agus cultar.
Tha luchd-obrach, Urrasairean agus Buidheann Stiùiridh na Colaiste, agus buidhnean eile mar Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, air buannachd mhòr fhaighinn bho dheagh chomhairle, lèirsinn agus bho chuid brosnachaidh. Mar phàirt de dhìleab Thormoid, tha e a fàgail luchd-obrach anns a bheil spiorad co-obrachaidh agus a tha dìleas agus dealasach ann a bhith ag adhartachadh amasan na Colaiste. Tha sinn uile a’ guidhe gach soirbheachadh dha.”
Bidh urrasairean na Colaiste a-nis a’ tòiseachadh air Stiùiriche ùr a lorg. A’ bruidhinn às an leth an-dè thuirt an Cathraiche, Ruaraidh Iain MacLeòid,
“Tha Tormod MacGilliosa air seirbheis ionmholta a thoirt do Shabhal Mòr Ostaig fad chòig-bliadhna-fichead. Mar Stiùiriche, tha e air a’ Cholaiste a thoirt troimh amannan a tha air a bhith doirbh agus, uaireannan, mi-dhòchasach ach tha seasamh na Colaiste an-diugh –agus sinn a’ fosgladh an togalaich ur, “Fàs”, sa Ghiblein – na theisteanas air cho ealanta agus soirbheachail sa bha e fhèin agus Fearchar Mac an Tòisich nach maireann ann a bhith a’ dèanamh sin.
Tha Tormod air cliù agus urram a chosnadh an dà chuid dha fhèin agus dhan a’ Cholaiste agus bith e fàgail mar dhìleab Colaiste a tha air stèidh chothromach a thaobh ionmhais agus a tha sìor fhàs agus a sìor choimhead roimhpe airson cothroman ùra piseach a thoirt air a h-obair mar an Ionad Nàiseanta airson Gàidhlig agus Cultair agus gu h-àraidh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig àrd-ìre. Bith e doirbh am bearn a dh’fhàgas e a lìonadh agus bith na h-urrasairean a’ tòiseachadh air Stiùiriche ùr a shireadh gun dail.”
|