|
|
Air Disathairne an 5mh latha dhen Ògmhios, chomharraich Urras Shomhairle ceud bliadhna gu leth bho fhuadaichean Hallaig le bhith a' cur fàilte air a' bhàrd Èireannach Seamus Heaney chun an eilein. Chuir Mgr Heaney an latha seachad ann an Hallaig ann an Eilean Ratharsair, a' chiad turas aige chun an eilein agus chun an àite air an do sgrìobh Somhairle MacGill-Eain an dàn ainmeil aige. Air an fheasgar thug Mgr Heaney òraid seachad ann an Sabhal Mòr Ostaig, a' bruidhinn air a charaid Shomhairle (1911-1996) agus a bhàrdachd. Fhuair Mgr Heaney fàilte bhlàth chridheil bho mhuinntir na sgìre agus bho theaghlach Shomhairle is mar a thuirt e, mairidh an turas fada na chuimhne.
Chithear artaigeal air turas Seamus Heaney anns an Herald.
Leughaibh barrachd fiosrachaidh air Urras Shomhairle (PDF 92.9KB).
![]() |
![]() |
![]() |
Ministear na Turasachd, a' Chultair agus an Spòrs, Frank MacAveety BPA a' coinneachadh ri Seamus Heaney | Oidhche bhreagha taobh a-muigh ACC | Air a' bhàta a Ratharsair |
![]() |
![]() |
![]() |
Am bàrd a' cur cuairt air Hallaig | Seamus Heaney le teaghlach Shomhairle | Luchd-èisteachd
a' bruidhinn ris a' bhàrd |
![]() |
![]() |
![]() |
Tormod
Dòmhnallach a' tòiseachadh prògram na h-oidhche
|
An
Dotair Aonghas Dòmhnallach
a' seinn na pìoba |
A' leughadh cuid de bhàrdachd fhèin |
![]() |
![]() |
![]() |
Seamus Heaney leis An Urramach Eairdsidh MacIlledhuibh agus Alasdair MacRath bho Urras Shomhairle | A' toirt seachad an òraid | Consal na h-Èirinn Conor O Riordain, Seamus Heaney, An t-Àrd Ollamh Tormod MacGilliosa |
|
|