UIBHISTEACH A' TILLEADH DHAN EILEAN SGITHEANACH GUS CUR RI FÀS AN T-SABHAIL MHÒIR

Fhuair ALASDAIR H CAIMBEUL cothrom dol a bhruidhinn ri Dòmhnall Angaidh MacIllinnein, an Stiùiriche Malairt ùr aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-seachdain sa chaidh: fear a tha gu bhith gu mòr an sàs ann an adhartas an ionaid ùir aig a’ cholaiste, Fàs, a tha gu bhith fosgladh tràth sa bhliadhna ùr…

Aon rud a tha follaiseach le bhith còmhradh le Dòmhnall Angaidh MacIllinnein à Bàgh a’ Chàise ann an Uibhist a Tuath, tha a’ choimhearsnachd cudromach dha, agus ged a tha eòlas farsaing aige air saoghal a’ ghnìomhachais agus air saoghal leasachadh na Gàidhlig, ’s e a’ choimhearsnachd a tha fhathast cudromach dha, tha e mar bhun-stèidh agus iùil dha às bith càite a bheil e.

Tha Dòmhnall Angaidh dìreach air tilleadh dhan Eilean Sgitheanach às dèidh dha trì bliadhna gu leth a chur seachad ann an Ìle mar Stiùiriche Ionad Chaluim Chille Ìle airson a bhith na Stiùiriche Malairt aig Sabhal Mòr. Agus ged a tha an t-Uibhisteach gasta seo air a bhith an sàs ann an gnìomhachas agus adhartachadh na Gàidhlig bho 1991, tha e soilleir nach bi e uair sam bith a’ dìochuimhneachadh nan freumhan làidir eileanach aige.

“’S ann às na Hearradh a tha na daoine agam o thùs,” tha Dòmhnall Angaidh a’ mìneachadh, “Sgalpaigh agus na Bàighean. Dìreach mar a chaidh deagh chuid de na Hearaich gu Port nan Long san Eilean Sgitheanach, chaidh deagh chuid a Loch Phortain, gu Bàgh a’ Chàise agus dha Na Hogha Bheag. Agus bha tòrr obair aca ri dhèanamh nuair a ràinig iad, airson an àite ullachadh agus a dhèanamh freagarrach airson croitearachd.

“Bha iad ag iarraidh àite faisg air a’ mhuir ach le talamh na chois cuideachd. ’S e Hearaich a th’ anns a’ mhòr-chuid de dhaoine san sgìre agus tha tòrr de shliochd MhicIllinnein mun cuairt cuideachd. Agus tha e faisg air na Hearadh, nuair a tha thu ann ’s e beanntan na Hearadh a tha thu a’ faicinn. Ghluais pàrantan m’athar is mo mhàthar a dh’Uibhist faisg air àm a’ chogaidh. ’S e baile beag a th’ ann agus gu mì-fhortanach chan eil mòran dhaoine air fhàgail an sin a-nis, gu h-àraid muinntir na sgìre fhèin.”

Tha cuimhne aig Dòmhnall Angaidh air a bhith cuideachadh le obair na croite agus air a bhith a’ dol a-mach còmhla ri athair a dh’iasgach, a-nis mar a tha fìor mu iomadh teaghlach sna h-eileanan tha Dòmhnall Angaidh agus a bhràthair is a pheathraichean air an t-eilean fhàgail air tòir chothroman cosnaidh agus foghlaim. Tha Dòmhnall Angaidh ag ràdh: “Bha ceathrar againn san teaghlach agus ’s mise an darna fear bu shine. Tha mo bhràthair ann an Auckland ann an New Zealand agus e dìreach air ùr phòsadh, agus tha aon phiuthar ann an Dùn Èideann agus tha nighean bheag aice-se agus mo phiuthar as sine, tha ceathrar cloinne aicese agus tha i ann an Siorrachd Àir.”

Tha cuimhne mhath aige air a bhith fàs suas ann an baile beag brèagha ri taobh na mara a bha làn chloinne: “Tha dìreach cuimhneachan agam a bhith ag èirigh suas ann am baile brèagha mar sin, a’ lasadh falaisgear, a’ buan na mòna, ach fhios agad nuair a tha thu a’ fàs suas agus nad dheugaire ’s dòcha nach eil thu cho deònach ga dhèanamh agus cho toilichte a bhith ga dhèanamh ’s a bu chòir.

“Ach nuair a tha thu a’ fàs nas sine, tha thu a’ tuigsinn cho tlachdmhor sa bha an dòigh beatha. Bha còrr is 30 dhinn a’ dol dhan àrd-sgoil eadar na trì bailtean, chan eil duine a’ dol ann a-nis. Agus ron a sin, bha còrr is 30 a’ dol gu Bun-sgoil Loch nam Madadh. Bha e math a bhith am measg tòrr dhaoine òga, cha robh mo leithid-sa a’ gabhail for an uair sin nach biodh e mar sin gu bràth, agus tha e duilich na tha air tachairt dha bailtean air feadh nan eilean.”

Eu-coltach ri gu leòr de dh’eileanaich dhe ghinealach-san, bha Dòmhnall Angaidh deònach tilleadh dha na h-eileanan a dh’obair:  “Uaireannan nuair a tha na h-eileanaich a’ fàs nas sine tha iad nas buailtich tilleadh, can nuair a tha iad fhèin a’ smaoineachadh air pòsadh agus air teaghlaichean a thogail iad fhèin. Feumaidh daoine fhèin a bhith ag iarraidh tilleadh agus feumaidh na h-ùghdarrasan dèanamh cinnteach gu bheil na cothroman ann. ’S e sin a tha tarraingeach mun t-Sabhal, ach tha duilgheadasan eile a’ tighinn le sin, cion thaighean mar eisimpleir.”

Tha Dòmhnall Angaidh na Uibhisteach agus na Ghàidheal gu chùl, agus cha b’ ann an àite ro Ghàidhealach a thòisich e a bheatha-obrach, ged a bha athair a’ smaoineachadh gun d’fhuair e obair gu math faisg air an taigh nuair a dh’fhòn Dòmhnall Angaidh dhachaigh a dh’innse gun d’fhuair e obair aig a’ chompanaidh èisg mòr Ross Youngs, mar a b’aithne do dhaoine iad an uair sin: “Fhuair mi obair shìos an sin ann an Grimsby ged a bha dùil aig m’athair gun tuirt mi Griomasaigh a’ chiad latha a chuala e. Bha an obair sin feumail oir fhuair mi eòlas air a bhith ag obair aig companaidh mòr le mìltean de dhaoine ag obair sna factaraidhean aca.

“Ach cha b’urrainn dhomh a bhith air àite fhaighinn a bha cho eu-coltach ris an sgìre agam fhèin. Tha sgìre Humberside shìos an sin cho còmhnard agus cho rèidh an taca ri beanntan na Hearadh agus Uibhist. Ach bha e gu math feumail, nuair a tha thu òg feumaidh tu beagan ùine a thoirt dhut fhèin air rudan air nach eil thu eòlach: tha thu ag ionnsachadh tòrr mu do dheidhinn fhèin agus mun t-saoghal a tha mun cuairt ort. Às dèidh bliadhna gu leth de sin bha mi ag iarraidh tighinn dhachaigh, agus bha mi fortanach gun d’fhuair mi an obair le Sir Iain.”

Thàinig e a Shlèite ann an 1993 a dh’obair aig a’ chompanaidh uisge-beatha aig Sir Iain Noble, Praban na Linne far an robh e ag obair ann an oifis làn Gàidhlig. “An sin fhuair mi fìor dheagh eòlas air mar a tha gnìomhachas beag ag obair, agus mar a dh’fhaodadh Gàidhlig agus an cultar agus dòigh beatha nan eilean a bhith air am fighe a-steach gu gnìomhachas,” tha e ag ràdh. “Agus rinn Sir Iain mar a tha fhios aig daoine fìor dheagh oidhirp eisimpleirean a thoirt dhuinn mar as urrainnear sin a dhèanamh. Bha mi aig Praban na Linne dà bhliadhna, agus ghluais mi an uair sin sìos an rathad gu Cànan, fhuair mi obair leothasan ann an 1995, a’ ruith iomairt Ghàidhlig airson a bhith togail aire agus ùidh a’ mhòr-shluaigh ann an gnothaichean Gàidhlig.”

’S ann an 1997 a bha iomairt na sìthe ann an Èirinn a Tuath a’ dol am feabhas gu mòr le Aonta Dihaoine na Càisg an t-adhartas bu mhotha, agus timcheall air an àm sin thòisich Brian MacUilleim a bha na Ministear na Stàite ann an Oifis na h-Alba aig an àm a bhith cothachadh airson barrachd co-obrachaidh eadar Gàidheil na h-Alba is na h-Èireann, agus ri linn saothair Mhgr MhicUilleim agus daoine eile thàinig iomairt ùr Iomairt Chaluim Chille gu buil agus mar thoradh air sin obair ùr mar oifigear Albannach gus an iomairt a thoirt air adhart.

Mar a tha Dòmhnall Angaidh a’ cuimhneachadh: “Nochd iomairt ùr a bha dìreach air ainmeachadh eadar Alba agus Èirinn, eadar Tuath agus Deas agus bha iad ag iarraidh oifigear leasachaidh agus bha mi fortanach gu robh mi mun cuairt agus gun d’fhuair mi an obair sin.

“’S e Brian air taobh an h-Alba dheth co-dhiù a bha gu mòr an sàs san iomairt agus a bhith cur Iomairt Chaluim Chille air a chasan. Agus bha esan a’ faicinn gu robh cothroman air leth aig na Gàidheil ann an Alba a bhith co-obrachadh le an caraidean ann an Èirinn, agus na cothroman a bh’ ann a bhith ag obair le chèile ann an diofar raointean: na h-ealain, foghlam, craoladh agus na meadhanan agus a h-uile càil a bh’ ann. B’ e lèirsinn dha-rìribh a bha sin, agus an uair sin bha obair chruaidh acasan aig ìre phoiliteagach a bhith faighinn an aonta gur e pròiseact math a bhiodh ann. Thug e treis gus an d’fhuair e sin, ach shoirbhich le Brian agus le Donaidh Rothach agus le muinntir an t-Sabhail Mhòir. Nuair a chunnaic na h-Èireannaich, agus gu sònraichte am Ministear Eamon O Cuiv an neart agus a’ mhisneachd a bh’ aig na h-Albannaich a thaobh a’ ghnothaich, cha robh co-dhùnadh aca ri dhèanamh ach a bhith ag iarraidh a bhith nam pàirt dheth. Bha daoine a’ faicinn ICC mar rud air leth inntinneach agus ùr agus bha iad airson faicinn ciamar a ghabhadh an rud a dhèanamh agus tha am pròiseact a’ leantainn fhathast, agus bha mise fortanach a bhith a-staigh air fìor thoiseach ghnothaichean.”

A-rithist ged as e iomairt eadar-nàiseanta a bh’ ann le bun-stèidh poilitigeach b’ e a’ choimhearsnachd a bha a cheart cho cudromach do Dhòmhnall Angaidh ri gluasdan mòra poilitigeach: “Agus ’s e sin an rud a bha tlachdmhor mu ICC, gu robh sinne a’ cuideachadh agus a’ brosnachadh nan coimhearsnachdan, chan e sinne a bha sparradh phròiseactan agus bheachdan air daoine eile. Agus chanainn gur e sin an t-adhbhar bu mhotha a shoirbhich leis, an dà chuid deagh-rùn agus taic phoilitigeach, agus an t-airgead na lùib, ach cuideachd taic agus cuideachadh bho na coimhearsnachdan.”

Às dèidh dha sia bliadhna a chur seachad aig ICC, fhuair Dòmhnall Angaidh cothrom a bhith an sàs ann am pròiseact eile a bha an ìre mhath ùr: Ionad Chaluim Chille Ìle. Mar a tha e fhèin a’ mìneachadh chaidh e a dh’Ìle chun ionad-ionnsachaidh is cultair airson togail air an obair a rinn an t-Ollamh Michelle NicLeòid is an t-Ollamh Murray Watson le bhith stèidheachadh an ionaid. Tha Dòmhnall Angaidh a’ leantainn air: “Chaidh mise ann agus bha mi airson togail air an eòlas agus na sgilean a bh’ agam, agus ann an dòigh a h-uile ceum a tha mi air a ghabhail tha mi air a bhith cur ris an sin. Bha mi eòlach air a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan, ach an turas seo bha mi gus a bhith aig teis-meadhan coimhearsnachd air nach robh mi eòlach roimhe. Chòrd e math fhèin rium a bhith dol sìos a dh’Ìle a’ feuchainn ri goireas air leth a bha ùr a leasachadh aig an robh spèis agus pròis sa choimhearsnachd. Chan e obair dhuilich a bh’ ann ’s e dìreach a bhith am measg na coimhearsnachd agus a bhith bruidhinn ris a’ choimhearsnachd, agus ag èisteachd ris na beachdan a bh’ aca fhèin airson an ionaid, a bharrachd air na rudan a bha mi fhèin agus an sgioba-obrach a’ cur air dòigh, agus a’ dèanamh cinnteach gu robh sinn an-còmhnaidh air ar faicinn mar dhaoine a bha fosgailte gu diofar rudan agus beachdan.”

Agus mar a tha Dòmhnall Angaidh ag ràdh tha iad fhathast a’ lorg cuideigin airson dreuchd an Stiùiriche ann an Ìle: “Tha sinn fhathast a’ lorg cuideigin an sin, oir ’s e measgachadh de sgilean fa leth a tha a dhìth, chan e a-mhàin Gàidhlig no a bhith math is sgileil air a bhith ruith agus a’ cumail sùil air gnìomhachas, ged a tha e beag tha e an urra ri taic-airgid poblach agus prìobhaideach, ach ’s e gu h-àraid a bhith eòlach air a bhith ag obair mar phàirt de choimhearsnachd a tha a dhìth, agus a bhith tuigseach air na feumalachdan a th’ aig daoine agus a’ bhuaidh a th’ aig ìomhaigh an àite air an eilean fhèin.”

Ach dè mu dheidhinn na h-obrach ùr aige, Stiùiriche Malairt an t-Sabhail Mhòir? “Tha fios againn gu bheil barrachd farpais na bh’ ann riamh airson oileanaich, agus airson na dòighean traidiseanta a th’ againn airson Gàidhlig a theagasg agus oileanaich a thàladh,” tha e ag ràdh. “Tha a’ cholaiste mothachail gum feum barrachd a bhith ann na teagasg traidiseanta agus cuspairean acadeimigeach ann an colaiste an latha an-diugh. ’S ann airson an adhbhar sin tha mi an dùil gu bheil sinn a’ stèidheachadh an ionaid ùir, Fàs, agus ’s e togalach air leth inntinneach a th’ ann, tha companaidh togail à Uibhist Uist Builders ga thogail an-dràsta agus tha sinn an dùil gum bi e deiseil tràth sa bhliadhna ùr.

“Bidh tòrr dhiofar rudan an lùib an togalaich ùir ach iad uile a’ bualadh air dualchas agus dòigh-beatha nan Gàidheal, mar eisimpleir bidh an t-ionad cùram cloinne Fàs Mòr a’ gluasad sìos dhan togalach, agus ann an dòigh tha sin cho cudromach ri rud sam bith, oir bidh sin a’ brosnachadh an fheadhainn bheaga agus am pàrantan a bhith cumail taic ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tro sin tha sinn an dòchas gum bi cuid dhen fheadhainn òga sin nan oileanaich nuair a dh’fhàsas iad fhèin suas. Cuideachd, bidh stiùidio meadhanan ann leis a h-uile goireas, tha sinn mothachail a-nis le gnìomhachas nan meadhanan nach leig thu leas a bhith teis-meadhan Ghlaschu, no Dùn Èideann no Obar Dheathain. Agus leis an t-sianal ùr Gàidhlig feumaidh na coimhearsnachdan a bhith a’ biathadh a-steach dhan sin agus a’ gabhail nan cothroman, agus tha sinne mothachail air an sin aig an t-Sabhal Mhòr agus na cothroman a th’ ann a bhith trèanadh an fheadhainn òga.”

A rèir Dhòmhnaill Angaidh tha Fàs na chomharra air soirbheas an t-Sabhail Mhòir, gum feum iad oifisean ùra seach nach eil àite gu leòr sa cholaiste an-dràsta: “’S e aon de na prìomh dhleastanasan agam an-dràsta dèanamh cinnteach gu bheil an togalach air a chleachdadh agus gu bheil e trang agus gu bheil ionmhas a’ tighinn a-staigh, tha an togalach cha mhòr a’ dol a dhùblachadh na th’ againn aig a’ cholaiste de dh’oifisean. ’S e dùbhlan mòr a bhios air muinntir na colaiste air fad, ach tha mi fhèin a’ coimhead air adhart ris an sin oir ’s e àite air leth a th’ ann. Tha fhios againn uile a’ mhisneachd a tha a’ choimhearsnachd agus na daoine a tha a’ tighinn an seo a’ faighinn bho na tha a’ tachairt an seo, agus tha mi toilichte a bhith nam phàirt dhen leasachadh sin.”

A-rithist san obair ùr aige cha bhi an duine à Bàgh a’ Chàise a’ dìochuimhneachadh an rud a tha a’ biathadh iomairt no gnìomhachas sam bith: coimhearsnachdan. Tha Dòmhnall Angaidh dhen bheachd: “Tha mi dhen bheachd nach eil e idir fallain ma tha thu glaiste a-staigh ann an oifis, feumaidh tu a dhol a-mach ma tha thu an sàs ann an cànan a tha a’ dol a bhith beò, agus a tha a’ dol a bhith a’ ciallachadh rudeigin do choimhearsnachdan. Bha sin gu math follaiseach dhomh ann an Ìle, gu h-àraid, tha coimhearsnachd againn mu thràth aig an t-Sabhal Mhòr, ach tha e gu math cudromach gu bheil mo leithid-sa a’ dol a-mach a’ faighinn eòlas air obair coimhearsnachd. Ach cuideachd chanainn gu bheil dleastanas aig a’ choimhearsnachd a bhith cumail taic ris na rudan a tha a’ dol. Oir ’s e rud a th’ ann an cànan, uaireannan tha e duilich dhaibh fhaicinn, oir ’s e rud cho nàdarra a th’ ann an cànan, luach an rud a th’ aca. Tha cuimhne a’m a chluinntinn turas no dhà daoine ag ràdh nach b’urrainn dhaibh tuigsinn ciamar as urrainn dhut cothroman cosnaidh agus dreuchdan a chruthachadh a-mach à Gàidhlig, ach tha na cothroman sin ann. Agus bidh barrachd dhiubh a’ tighinn oirnn sna bliadhnaichean a tha ri thighinn, agus tha e cudromach gu bheil na coimhearsnachdan a’ gabhail pàirt sna leasachaidhean sin agus gu bheil iad a’ cur nam beachdan agus nam feumalachdan aca fhèin dha na buidhnean. Ma tha an rud a’ dol a dh’obrachadh feumaidh e obrachadh an dà thaobh.”

Tha a h-uile teans le Dòmhnall Angaidh an sàs ann gun obraich e, agus gum bi an dà thaobh de dh’Fhàs follaiseach ann an Slèite sna bliadhnaichean a tha ri thighinn.