|
TAIC-AIRGID CHUDTHROMACH DO SHABHAL MÒR OSTAIG
Tha
Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, Ionad Nàiseanta airson
cànan is cultar na Gàidhlig a leasachadh, air leth toilichte
an deagh naidheachd a sgaoileadh an t-seachdain sa gu bheil e air tuilleadh
maoineachaidh fhaighinn on fhear-ghnìomh Dhuidseach, Paul van Vlissingen
is a chèile an t-Oll. Caroline Tisdall, agus iad a’ toirt £100,000
a bharrachd don Ionad an lùib Sgoilearachdan Leitir Iùbh.
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh an t-Sabhail Mhòir,
‘Tha an tabhartas seo a’ dearbhadh gum mair na sgoilearachdan
seo a tha air cuideachadh a thoirt do mhòran oileanach thar nan còig
bliadhna a chaidh seachad, agus tha e a’ toirt an airgid a tha Paul
van Vlissingen air toirt don t-Sabhal Mhòr gu ruige cairteal millean
not’.
Thuirt an t-Àrd-Ollamh, Tormod MacGillÌosa, Stiùiriche
na Colaiste,
‘’S e tabhartas air leth a tha seo a tha Paul van Vlissingen agus
Caroline Tisdall air toirt do Shabhal Mòr Ostaig. A thuilleadh air
cho cudthromach is cho cuideachail ‘s a tha am maoineachadh fhèin,
‘s math dh’fhaoidte gu bheil e a cheart cho cudthromach dhuinn
gu bheil a leithid a dhaoine, a tha air deagh chliù a chosnadh ann
a bhith a’ maoineachadh iomadh pròiseact eadar-nàiseanta,
a’ dearbhadh sàr obair an t-Sabhail Mhòir.’
Thuirt Paul van Vlissingen, a tha a’ sìor-fhulang le aillse
agus a tha air tilleadh dhachaigh don Òlaind, o chionn goirid,
‘Thug obair muinntir an t-Sabhail Mhòir buaidh mhòr orm
is iad an sàs ann an ath-bheothachadh is leasachadh cànan is
cultar na Gàidhlig, agus gu seachd àraid is fìor thoigh
leam mar a tha iad air seo a làimhseachadh, chan ann a-mhàin
le bhith a’ feuchainn ri dualchas cànanach agus cultar na h-Alba
a dhìon, ged a tha sin fhèin air leth cudthromach ach gu h-àraid
tha iad air cudthrom a’ chànain aithneachadh ann an dòigh
a leigeas leotha eaconomaidh, coimhearsnachd, àrainneachd is cultar
an àite a neartachadh. Bidh Sabhal Mòr Ostaig na àite
air leth cudthromach do chànan is cultar na Gàidhlig anns an
àm ri teachd, agus air an dearbh adhbhar sin tha mi glè thoilichte
mo thaic-sa a thoirt don obair leantainnich aice.'
Chuir an t-Ollamh Tisdall ri seo,
‘O chionn còig bliadhna fichead, nuair a thàinig mi gu
cladach Loch Ma-ruibh airson am fiolm ‘The Last Post Run’ a dhèanamh,
bha mi a’ rannsachadh nan dòighean anns an robh an cànan
is an eachdraidh co-cheangailte leis an àrainneachd, agus bha mi cuideachd
a’ lorg nam freumhan MhicCoinnich anns an teaghlach agam fhèin.
Dhaingnich an ceòl sgoinneil a chleachd mi san fhiolm bhon chlàr
‘Recovery’ aig Runrig an ceangal aig a’ Ghàidhlig
ris an àrainneachd is ris an eachdraidh. Bhon uair sin tha mi air an
teaghlach a bhrosnachadh gus barrachd taic a thoirt do chor na Gàidhlig,
rud a nì mi fhèin gu siorraidh bràth.
‘Troimh ur ceanglaichean le Donaidh Rothach, tha Paul agus mi fhèin
mothachail air sàr obair an t-Sabhail Mhòir agus mothachail
cuideachd air cho cudthromach ‘s a tha an cànan is an cultar
ann a bhith a’ leasachadh sgìre. Tha sinn cuideachd a’
smaoineachadh gu bheil cànan mar allt anns am bi an dualchas cultarail
a’ sruthadh agus air am bi cultaran an t-saoghail air fad a’ laighe.
Tha an cànan aig cridhe gach rud a nì a’ Cholaiste, agus
shoirbhich leis mar ionad nàiseanta na Gàidhlig ann a bhith
ag obair is a’ dèanamh cinnteach gu bheil am foghlam a tha e
a’ toirt seachad fiosrachail, beairteach agus a’ faighinn taic
bhon chultar dhùthchasach agus na h-ealain air fad. Bheir na sgoilearachdan
ùra seo taic do dh’oileanaich nach biodh air cothrom fhaighinn
a dhol don t-Sabhal Mhòr idir agus bidh co-dhiù fear dhiubh
a’ dèanamh sgrùdadh aig ìre for-cheum air dualchas
Leitir Iùbh fhèin. Tha mi air leth toilichte gum bi mi an sàs
leis a’ Cholaiste anns na bliadhnaichean ri teachd.'
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig,
‘Tha sinn anabarrach taingeil agus fortanach gun d’ fhuair sinn
an uiread de thaic bho Paul agus Caroline thar nam bliadhnaichean agus tha
sinn nas taingeile buileach gu bheil iad air an tuilleadh taic seo a thoirt
dhuinn aig àm cho duilich don dithis aca. ‘S e seo tabhartas
cudthromach dhuinn mar a thèid sinn air adhart gus Urras Leasachaidh
Shabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn, ‘s e seo Urras Carthannais
neo-eisimeileach a thèid a chur an gnìomh airson taic-airgid
a thogail a leigeas leinn làimhseachadh le gach dubhlain a dh’fhaodadh
èirigh anns an latha a th’ ann, agus a dhearbhas gu bheil Sabhal
Mòr Ostaig uidheamaichte airson an àm a tha ri teachd. Tha Caroline
air aontachadh gum bi i ainmichte mar a’ chiad ‘neach-tabhairt
dìleib’ don urras ùr nuair a thèid a chur air chois
aig deireadh na bliadhna sa.’
Tha Sabhal Mòr Ostaig air Duais Chuimhneachan-Bliadhnail na Banrìgh airson sàr obair is innleachdas ann am foghlam a chosnadh agus tha e gus a bhith a’ tòiseachadh air an ath cheum air leasachadh na h-àrainneachd aige le ‘Fàs’, ionad ùr do ghnìomhasan cruthachail is cultarail aig Àrainn Chaluim Chille anns an Eilean Sgitheanach.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh leig fios do:
Fiona Dunn Oifigear Margaideachd 01471 888 215
no
Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh SMO 01478 612177
|