|
VOTE SCOTLAND A DOL AIR TURAS GUS DAOINE A BHROSNACHADH GUS BHÒTADH AIR 3mh LÀ DEN MHÀIGH
Press Release Dirdaoin 29mh là den Mhart
Tha “Vote Scotland” a’ dol air turas mun cuairt Alba airson guthan dhaoine a bhrosnachadh air an 3mh là den Mhàigh. Bidh seo inntinneach dhan a h-uile duine ann an Alba a tha ochd bliadhna deug a dh’aois no na bu shine, ach gu h-àraidh do dhaoine nach eil air bhòtadh ron an seo, mar an òigridh a tha dìreach air tionndadh ochd bliadhna deug a dh’ aois.
Le dìreach tharais air mìos gus am bi a’ bhòtadh ann, thathar a’ moladh gun tadhal daoine chun an turas seo airson a’ toirt dhaibh am fiosrachadh gu lèir a dh’fheumas iad airson bhòtadh, a’ toirt a-steach fiosrachadh air an dòigh a tha thu a’ clàradh is mar bu chòir dhut am pàipear baileat a lìonadh a-steach air an là.
Tha a’ chuairt seo mar phàirt den chòmhrag phoileataigeach neo-phàirteal airson “Vote Scotland”, a tha air a chur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba agus a’ Choimisean Taghaidh airson fios a chur gu daoine mu thaghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba agus a’ Chomhairle air an 3mh là den Mhàigh agus airson daoine a bhrosnachadh gus na bhòtaichean aca a chur a-steach.
Thòisich an tachartas, a tha a ruith tharais air còig seachdainean, aig Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Gàidhlig na h-Alba air Diardaoin an 29mh là den Mhàrt , agus bidh e a’ dol timcheall Alba bho Arcaibh anns an aìrde tuath sìos gu Deas an t-Sròn Reamhar.
Bidh e a’ dol timcheall diofair àiteachean anns a h-uile sgìre comhairle, mar cholaistean, oilthighean, bhailtean, mhargaidean mhòr is bhuidhnean choimhearsnachd is creideamh.
A’ cur fàilte air an turas chun an Eilean Sgitheanaich bha Dòmhnall Dòmhnallach a tha na oileanach aig an t-Sabhail Mhòr. Thuirt e “Tha mi a’ smaoineachadh gur e deagh rud a tha ann gu bheil an turas seo air a chur air bhog anns an Eilean Sgitheanach. Bidh mi a’ bhòtadh airson a’ chiad uair air an 3mh là den Mhàigh agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tachartasan mar seo math airson a’ dèanamh cinnteach gu bheil fhios aig daoine dè a tha aca ri dhèanamh an là mus tèid iad a bhòtadh.”
“Tha mi a smaoineachadh gu bheil e cudthromach do dhaoine òga bhòtadh oir tha beachdan na daoine òga gu math diofaraichte an coimeas ri na buidhnean de dh’ aoisean eile, agus tha bhòtadh a’ dèanamh cinnteach gu bheil na beachdan againne a’ cunntadh.”
Tha barrachd fiosrachaidh mun turas seo air an duilleag Bheurla.
|