Skip to content
SMO Generic Banner Image

Toiseach Tòiseachaidh ùr do Chompanaidh Cruthachail Sgitheanach



Tha Cànan, am buidheann dealbhachaidh agus didseatach suidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, air buidheann gnìomh fhastadh airson a’ chompanaidh a thoirt air adhart chun an ath cheum. ’S iadsan Vanessa Lopez mar Mhanaidsear Gnìomhachd, Flòraidh Forrest mar Mhanaidsear Phrògraman agus Muireall Urchadan mar Mhanaidsear Leasachadh Gnothaich.

Thuirt Vanessa Lopez, a tha às an Spàinn bho thùs: “Tha sinn air ar dòigh leis an sgioba ùr seo, thairis air a’ bhliadhna a chaidh tha sinn air a bhith às aonais Manaidsear. Mar sin bha e an urra rinn fhèin a bhith gabhail barrachd gnothaich ris an taobh seo den obair. Tha an triùir againn gu nàdarra air na h-obraichean seo a ghabhail os làimh agus tha iad a freagairt oirnn”.

A’ toirt taic do Vanessa air an sgioba tha Flòraidh Forrest. ’S ann à Uibhist a Deas a tha Flòraidh agus tha i air a bhith ag obair do Chànan airson sia bliadhna. Bidh ise a-nis a’ coimhead às dèidh prògraman fad-ùine Chànain a thuilleadh air a bhith na Manaidsear Phròiseact do FilmG, farpais filmichean goirid MG ALBA, rud a tha i air a bhith dèanamh bho thòisich i ann an 2008. Arsa Flòraidh: “’S toigh leamsa gu mòr a bhith ag obair do Chànan. Tha sinn a’ faighinn air adhart gu mòr le chèile agus tha mi airson a bhith an sàs ann an leasachadh ro-innleachd na companaidh. Anns an dreuchd seo ’s urrainn dhomh sin a dhèanamh ach aig a’ cheart àm a bhith ruith FilmG, am pròiseact as ùr-ghnàthach san dùthaich”.

Cha d’ thàinig Muireall Urchadan gu Cànan ach an-uiridh nuair a ghabh i os làimh a bhith na Manaidsear air iomairt trèanaidh òigridh airson FilmG. ’S ann à Griais ann an Leòdhas a tha Muireall ach tha i air a bhith fuireach ann Slèite airson deich bliadhna a-nis. Bidh ise os cionn leasachadh gnothaich, còmhla ri bhith margaidheachd dhan chompanaidh. Thuirt ise: “Bho thòisich mi ag obair aig Cànan tha mi air an cothrom fhaighinn sgilean ùr a leasachadh agus tha an taobh seo den obair a’ freagairt orm gu mòr. Tha ùidh shònraichte agam ann an Leasachadh Gnothaich agus tha mi coimhead air adhart gu mòr gu bhith putadh Cànan air adhart san roinn phrìobhaideach agus an roinn phoblach”.

Thàinig Cànan gu bith an toiseach o chionn còrr is fichead bliadhna a’ cruthachadh stuthan teagaisg airson “Speaking Our Language”. Tha Cànan a-nis a’ tabhann grunn sheirbheisean, eadar stuthan grafaigeach agus didseatach, dealbhachadh agus a’ togail dhealbhan agus seirbheis eadar-theangachaidh.

Tha Cànan an-dràsta a’ cruthachadh làraich-lìn do CheangalG, pròiseact a th’air a mhaoineachadh leis an Aonaidh Eòrpach airson co-obrachadh a bhrosnachadh eadar buidhnean san roinn phoblach ann an oir-thìrean Èirinn a Tuath, Alba agus Èìrinn. Tha iad cuideachd a’ tòiseachadh air FilmG a seachd a chur air bhog.

Tha iomadh seòrsa pròiseact inntinneach aig Cànan san amharc thairis air an ùine a tha romhainn. Nach lean sibh iad air Facebook no Twitter (@cananskye) airson sùil a chumail orra.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578