Skip to content

BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

DUAIS: Ceum (le Urram),Cùrsaichean air Astar,Fo-cheum
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 4 Bliadhna
CÒD: UQW53
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Decker Forrest
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )

FEARTAN SÒNRAICHTE

’S e am BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta an aon chùrsa ceuma tro mheadhan na Gàidhlig far am faigh luchd-ciùil traidiseanta cothrom ceòl, eachdraidh is dualchas na Gàidhealtachd a sgrùdadh, an lùib Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte. Bidh oileanaich an sàs ann an obair aghaidh-ri-aghaidh is obair clas far am bithear a’ rannsachadh caochladh chuspairean a bhios riatanach ann an dreuchdan ciùil soirbheachail iom-fhillte. Gheibh iad cuideachd an cothrom an sgilean a thaisbeanadh gu cunbhalach air tursan is aig fèisean mòra ciùil agus bidh cothrom airson semeastar a chur seachad a’ rannsachadh ciùil ann an Èirinn no Canada anns a’ cheathramh bliadhna.

MÌNEACHADH

Tha caochladh chuspairean practaigeach is teòiridheach an lùib am BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta a bhios riatanach airson dreuchd ann an saoghal a’ chiùil. Gheibh thu teagasg aghaidh-ri-aghaidh ann an speisealachadh an oileanaich, a thuilleadh air obair-bhuidhne, seinn, teòiridh ciùil, cruthachadh is cothromachadh, eachdraidh ceòl na Gàidhlig, clàradh is riochdachadh agus eòlas gnìomhachais. Thèid sgilean traidiseanta taisbeanaidh/cluiche a theagasg leis na h-ionnstramaidean a leanas ach thèid beachdachadh air ionnstramaidean eile cuideachd ma thèid am mìneachadh san iarrtas agad: bogsa, fìdheall, duiseal is fìdeag, òrain Ghàidhlig, giotàr, a’ phìob mhòr, clàr-iuchrach agus clàrsach.

SUSBAINT

Bithear a’ sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, agus a rèir nan comasan agad bidh thu a’ leanntainn a’ Chùrsa Chomais no Gàidhlig is Conaltradh anns a’ chiad bhliadhna. Anns a’ chiad bhliadhna, gheibh thu na modalan ciùil annas-làimhe (obair buidhne, teagasg aon-gu-aon agus seinn buidhne) agus teòiridh, cruthachadh is cothromachadh. Bidh annas-làimhe, òrain Ghàidhlig agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig san dàrna bliadhna. Bidh thu a’ dèanamh pròiseact, agus a’ tòiseachadh rianachd ghnìomhachais agus clàradh is riochdachadh air an treas bliadhna. Thèid tuilleadh ionnsachadh mu annas-làimhe agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig agus bidh cothrom ann air foghlam ciùil ionnsachadh. Bidh agad ri tràchdas a dhèanamh air a’ cheathramh bliadhna agus tuilleadh air annas-làimhe, clàradh is riochdachadh agus rianachd ghnìomhachais.

MODALAN RIATANACH

BLIADHNA 1
SCQF Ìre 7

Module Code:
Credits:

Airson an structair aig Ìre SCQF 7, faic An Cùrsa Comais agus Gàidhlig is Conaltradh. Feumaidh oileanaich a thaghas Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta na modalan Ceòl agus Òrain Ghàidhlig 1 agus Teòiridh 1 a thaghadh mar na modalan roghainneil aca.

BLIADHNA 2
Gàidhlig 2

Module Code: UQ508491
Credits: 20

Bidh am modal seo a’ daingneachadh nan sgilean cànain a dh’ionnsaich an t-oileanach aig ìre 7. Thèid eacarsaichean sònraichte a chleachdadh gus sgilean bruidhinn, sgrìobhaidh agus èisteachd a neartachadh. Thèid Gàidhlig de dhiofar stoidhlichean a sgrùdadh gus structairean iom-fhillte,  faclaireachd agus ghnàthasan a thoirt a-steach.

Aig deireadh a’ mhodail, bu chòir dhan oileanach a bhith comasach air

  • structairean iom-fhillte a thuigsinn agus a chleachdadh
  • smuaintean agus beachdan a chur an cèill gu pongail agus gu grinn ann an còmhradh agus ann an sgrìobhadh mar thoradh air leudachadh faclaireachd agus stoidhle
  • gràmar, co-chàradh, litreachadh agus fuaimneachadh na Gàidhlig a chur an gnìomh
  • Gàidhlig air a labhairt a thras-sgrìobhadh gu pongail
  • teagsaichean Beurla eadar-theangachadh gu Gàidhlig
  • teagsaichean a dhearbhadh agus na mearachdan a cheartachadh agus a mhìneachadh

Teòiridh 2

Module Code: UW308473
Credits: 20

Tha am modal seo a’ leantainn bho Teòiridh, Cruthachadh is Cothromachadh 1 agus tha cuideam ga chur air sgilean tras-sgrìobhaidh agus dòighean nas adhartaich a thaobh cothromachadh is cruthachadh a bhuineas gu sònraichte do Ghàidhlig na h-Alba.  Thèid iad seo agus tùsan eile a chleachdadh airson pìosan às ùr a chruthachadh.

Ionnsachaidh oileanaich mu diofar tùsan Ceòl na Gàidhlig, clàraichte, ann an clò, is eile agus mar a nithear tras-sgrìobhaidhean.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh:

  • tuigse agad air teòiridh bunaiteach a’ chiùil agus  briathrachas Gàidhlig co-cheangailte.
  • sgilean agad a thaobh cruthachadh is cothromachadh
  • comas agad bathair-bog ciùil  a chleachdadh, ceòl a chlàradh airson pìosan ciùil coileanta a chruthachadh.

Eachdraidh Ceòl na Gàidhlig

Module Code: UW308471
Credits: 20

Thèid sùil a thoirt air mar a thàinig ceòl na Gàidhealtachd air adhart, a’ sealltainn ri diofar ghnèithean rin seinn, a’ gabhail a-steach canntaireachd agus na sailmean.  Bithear cuideachd a’ toirt sùil air seòrsaichean dannsa agus piobaireachd. Thèid ionnsachadh mu Bhàrdachd agus cleachdaidhean ann an Alba agus Èirinn anns an t-17mh agus an 18mh linn deug, a’ dol air adhart gu ceòl traidiseanta san latha an-diugh.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh;

  • tuigse agad air na prìomh amannan ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus na leasachaidhean ciùil a bha a’ dol aig na h-amannan sin.
  • thu air eòlas fhaighinn air a’ briathrachas a tha freagarrach airson a’ mhodail.

Ceòl agus Òrain Ghàidhlig 2

Module Code: UW308472
Credits: 40

Bidh oileanaich ag obair ann an còmhlain airson pìosan ciùil (rin seinn agus rin cluich) a chruthachadh.   Thèid na pìosan ciùil sin a chluich air beulaibh dhaoine, ann an suidheachadh cuirm ciùil, agus ann an deuchainn. Gheibh gach oileanach teagasg fa-leth anns a’ chuspair spèisealta a tha iad fhèin a’ taghadh.

Thèid mu 91 uairean a chosg ag obair air cuspair spèisealta an oileanaich le mu 24 uairean air teagasg aon ri aon agus 65 uairean air teagasg còmhlain.   Gheibhear teagasg air seinn, mar bhuidheann, airson 24 uairean sa bhliadhna.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bidh

  • Sgilean taisbeanaidh a thaobh a’ chuspair spèisealta aig an oileanach.
  • Sgilean còmhlain a thaobh a’ chuspair spèisealta agus sgilean seinn ann an còmhlan.
  • Comas òran Gàidhlig ionnsachadh agus a sheinn

BLIADHNA 3
Gàidhlig 3

Module Code: UQ509824
Credits: 20

Bha Gàidhlig 2 gu ìre mhòr mu dheidhinn structaran cumanta gràmarail na Gàidhlig.  Tha Gàidhlig 3 a’ feuchainn ris an eòlas sin a dhaingheachadh, ach tha am modal gu sònraichte a’ feuchainn ri snas, leud agus sùbailteachd a chur ris an eòlas sin.

Leughar is cluinnear eisimpleirean de dheagh Ghàidhlig air iomadh cuspair agus nithear sgrùdadh orra, a’ beachdachadh air cho soirbheachail, mionaideach, grinn no freagarrach ‘s a tha an cànan annta.  Tha am modal cuideachd a’ coimhead air sgilean eadar-theangachaidh.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith comasach air;

  • a bhith comasach air teagsa a cheartachadh a thaobh litreachaidh agus gràmair (‘proof reading’)
  • bruidhinn ‘beò’ air cuspairean sònraichte is spèisealta, a’ cleachdadh briathrachas agus stoidhle iomchaidh
  • sgrìobhadh foirmealta agadaimigeach, a fhreagras air obair oilthigh, ach a bhios soilleir agus a ghabhas tuigsinn.
  • sgrìobhadh air cuspairean sònraichte is spèisealta, ann an stoidhle iomchaidh, foirmealta no neo-fhoirmealta
  • Gàidhlig shiùbhlach, nàdarra a chur air earrainnean eadar-theangachaidh.

Sgilean Rannsachaidh

Module Code: UQ509825
Credits: 20

Ceòl 3

Module Code: UW309805
Credits: 20

Bidh oileanaich ag obair ann an còmhlain airson pìosan ciùil (rin seinn agus rin cluich) a chruthachadh.   Thèid na pìosan ciùil sin a chluich air beulaibh dhaoine, ann an suidheachadh cuirm ciùil, agus ann an deuchainn.

Gheibh gach oileanach teagasg fa-leth anns a’ chuspair spèisealta a tha iad fhèin a’ taghadh.

Thèid mu 91 uairean a chosg ag obair air cuspair spèisealta an oileanaich le mu 24 uairean air teagasg aon ri aon agus 65 uairean air teagasg còmhlain.   Gheibhear teagasg air seinn, mar bhuidheann, airson 24 uairean sa bhliadhna.

An dèidh dha crìoch a chur air a’ mhodal, bidh:

  • sgilean taisbeanaidh a thaobh a’ chuspair spèisealta aig an oileanach.
  • sgilean còmhlain a thaobh a’ chuspair spèisealta agus sgilean seinn ann an còmhlan aig an oileanach.

Sgilean Foillseachaidh agus Eagrachaidh Proifeiseanta

Module Code: UW309807
Credits: 20

Bheir am modal seo eòlas do dh’oileanaich air siostaman fuaim, mar a phlanas iad gu h-èifeachdach tachartasan leithid cuirmean no tursan thall thairis agus bheir e a-steach cùisean gnìomhachais is laghail co-cheangailte ri dreuchd a’ chiùil. Thathas cuideachd a’ dèiligeadh ri sgilean taisbeanaidh co-cheangailte ri coileanadh agus riochdachadh sgrìobhte/fuaim.

An dèidh dha crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith:

  • comasach ann an làimhseachadh siostaman fuaim
  • comasach ann am planadh phrògraman agus sgilean taisbeanaidh
  • comasach taisbeanadh farsaing air gnothaichean gnìomhachais agus laghail co-cheangailte ri dreuchd a’ chiùil a’ gabhail a-steach cìsean, dealbhadh gnìomhachais agus còraichean seilbh inntleachdail a thuigsinn.

Òrain Ghàidhlig 3

Module Code: UW309806
Credits: 20

Is e modal eòlas guth adhartach a tha seo far an ionnsaichear repertoire nas eadar-mheasgte agus adhartach airson seinn nad aonar.

An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith comasach air:

  • adhartas a dhèanamh ann an sgilean gutha oileanaich ann an co-theacsan buidhne agus leotha fhèin (gu h-àraidh a thaobh anail, cuimhneachadh, ruitheam agus cainnt)
  • tuigse mhionaideach air diofar ghnèithean òrain Ghàidhlig agus an dàimh eadar òrain agus na h-àiteachan tùsail aca
  • dà òran Ghàidhlig leudaichte a sheinn

BLIADHNA 4
Clàradh agus Riochdachadh

Module Code: UW310832
Credits: 20

A’ Riochdachadh a rèir Cuspair

Module Code: UW310830
Credits: 20

Tràchdas Ceuma

Module Code: UQ510844
Credits: 40

Tha am modal seo, aig Ìre 10, a’ togail air na sgilean a chaidh ionnsachadh ann an Sgilean Rannsachaidh (SCQF 9) airson sàr phròiseict a thoirt gu buil le bhith a’ cleachdadh an cuid sgilean rannsachaidh agus an cuid sgilean dealbhachaidh, an dà chuid mar taisbeanadh foirmeil agus tràchdas eadar 10,000 agus 12,000 facal.

Sa mhodail seo, bi thu:

  • a’ leasachadh do sgilean rannsachaidh gus pròiseact mòr rannsachaidh a ghabhail os làimhe
  • a’ dèanamh an obair rannsachaidh fhèin (leughadh, agallamhan no a’ cruinneachadh fianaise) sa chiad shemeastar, agus bidh thu ga sgrìobhadh suas ann an cruth tràchdais (thesis, pròiseact mòr) air an dàrna semester.
  • a’ leasachadh do sgilean pearsanta ann a bhith rianail agus a’ cumail ri clàr-ama.

Ceòl 4

Module Code:
Credits:

SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH

  • Taisbeanadh beò agus clàradh
  • Ceòl agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
  • Roinn cultar na Gàidhlig (na meadhanan nam measg)
  • Ionnsachadh aig ìre for-cheum agus rannsachadh

Martin Robertson

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig BBC no nas àirde. Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B no nas àirde nam measg; no
  • 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
  • Dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.

Bu chòir dhut a bhith air faighinn tro dheuchainn ìre 5 an ‘associated board’ mus tòisich thu. Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan. Bidh agallamh agad airson dearbhadh dè an cùrsa bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad. Bidh deuchainn ciùil ri dhèanamh cuideachd. Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.

OIDEAN A’ CHÙRSA

Decker Forrest
Cairistiona Primrose
Murdo Cameron               Leasanan (guitar); obair buidhne
Deirdre Greumach           Sgilean Foillseachaidh is Eagrachaidh Proifeiseanta
James Lindsey                   Sgilean chlàraidh
Eilidh NicPhàidein            Leasanan (bocsa); obair buidhne
Hector MacInnes              Clàradh is Riochdachadh
Angus MacCoinnich         Leasanan (pìob is fideag) is obair buidhne
Eilidh NicCoinnich           Obair buidhne
Pàdruig Moireasdan         Leasanan (bocsa)
John Purser                        Eachdraidh Ceòl na Gàidhlig
Innes Watson                     Leasanan (fidheal; guitar); obair buidhne

 

A’ CUR A-STEACH IARRTAS

Feumar tagradh a dhèanamh tro Sheirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean (UCAS). Is e seo am prìomh sheirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh agus colaiste foghlaim àrd-ìre san RA.

 

COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2023/24

* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.


Fo-cheum, oileanaich làn-ùine
Cìs gach bliadhna airson cùrsa 120 creideas

£0.00

Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578